
Mar a thèid ar pròiseact air adhart, tha an sgioba rannsachaidh aig an taigh-tasgaidh air a bhith trang a’ coimhead air clàran na sgìre. Tha sinn air tòiseachadh le bhith a’ coimhead air eachdraidh an uachdarain agus tha sinn air loidhne-tìde a chuir ri chèile a tha a’ dol bhon 14mh linn gu 1820 agus Fuadach nam bailtean. Tha seo air a chuideachadh gu mòr leis an obair a rinn Calum Banjor Jones roimhe air Teaghlaichean MhicCoinnich ann am Barantas Loch Bhraoin.
Tha an loidhne-tìde seo a’ sealltainn mar a tha seilbheadaireachd Inbhir Làthail a’ dol bho Iarla Rois san 13mh linn gu na Rothaich Fòghlais. Chì sinn an uairsin timcheall air 10 bliadhna nuair a tha coltas gu bheil am fearann air a ghluasad grunn thursan eadar Foulis agus Friseal MhicShimidh. Tha sinn a’ tuigsinn gu bheil seo air sgàth gu bheil am fearann air a mhorgaids do Fhriseil MhicShimidh an àite fiachan a phàigheadh. Ann an 1820 agus an dàrna pàirt de na fuadaichean, chì sinn am fearann a’ gluasad gu Clann Choinnich a’ Chùil, aig an robh sealbh air an sgìre suas chun a’ cheann-uidhe againn.
An dèidh dhuinn ar loidhne-tìde a chur ri chèile lorg sinn a’ chiad chlàr sgrìobhte mu Inbhir Làthail, bho 1370.
Tha an clàr seo bho na pàipearan Rothach Fòghlais.
16mh Dàmhair 1370
Resignation by Elyzabeth de Bercley, daughter and heir of Robert Lytyll, with consent of John de Bercley, her spouse, in favour of her beloved cousin Hugh de Monrooch, for good deeds ofttimes rendered to her by him and his parents, of all right and claim in the lands of Dachynmore, Carbystoll, Kylmacholmowch and Innerlawyn, with their pertinents, which she holds of her lord the Earl of Ross; to be held by said Hugh and his heirs of said earl, as freely, quietly, etc., as is more fully contained in the charter made by said earl to her father; and if it happen that her spouse, John de Bercley aforesaid, should predecease her, she binds herself to ratify and confirm this grant in her widowhood. As she has not a seal of her own, the seal of said John de Bercley, her spouse, together with the seals of Alexander, bishop of Rosse, and John called Merser, burgess of Perth, are appended. Dated at Perth.
Photogrammetry
Mar phàirt den rannsachadh airson a’ phròiseict, dh’ fheuch sinn ri mìneachadh a dhèanamh air an sgrìobhadh a tha suidhichte air taobh a-staigh na h-uaighe, far an deach Cailean Mac Coinnich a’ Chùil a thiodhlacadh air 29mh den Dàmhair 1740. A rèir beul-aithris bha Sir Cailean a’ cruinneachadh a’ mhàil bhon luchd-gabhail aige nuair a fhuair e fiabhras agus bhàsaich e faisg air Inbhir Làthail. Bha an sneachd air a’ gheamhradh sin cho dona ‘s nach b’ urrainn dhaibh Sir Cailean a thoirt dhachaigh gu adhlacadh an dèidh trì seachdainean de dh’oidhirpean. Mu dheireadh chaidh a thiodhlacadh ri taobh Abhainn Làthail. Greis an dèidh sin chaidh uaigh a thogail timcheall a chorp. Tha an sgriobhadh air an taobh a-staigh dhan uaigh, ach bha an aimsir air an sgrìobhadh a mhilleadh. Le teicneòlas ùr leis an ainm Photogrammetry, tha sinn air feuchainn ris an sgrìobhadh a mhìneachadh le bhith a’ togail tòrr dhealbhan aig diofar cheàrnan gus doimhneachd litrichean a lorg. Chuir sinn ‘filters’ eadar-dhealaichte thairis air na h-ìomhaighean gus feuchainn ris an sgrìobhadh tùsail a tharraing a-mach. Gabhaidh cuid den sgrìobhadh a leughadh agus tha sinn fhathast ag obair air co-dhùnadh còmhla gus an teacsa slàn fhaighinn.





-
- Land Tax Records 1865 Copyright ScotlandsPlaces. https://scotlandsplaces.gov.uk/digital-volumes/historical-tax-rolls/land-tax-rolls-1645-1831/land-tax-rolls-ross-shire-volume-02/18
-
- Land Tax Records 1756 Copyright ScotlandsPlaces, https://scotlandsplaces.gov.uk/digital-volumes/historical-tax-rolls/land-tax-rolls-1645-1831/land-tax-rolls-ross-shire-volume-01/6
-
- Land Tax Records 1756 Copyright ScotlandsPlaces, https://scotlandsplaces.gov.uk/digital-volumes/historical-tax-rolls/land-tax-rolls-1645-1831/land-tax-rolls-ross-shire-volume-01/6
